Early Years Practitioner (Gaelic) (30hpw) (Fixed Term until 1 July 2027), Bun-sgoil Ghaidhlig Loch Abar, Lochaber - HGH21167
HIGHLAND COUNCIL, Lochyside, Highland
Early Years Practitioner (Gaelic) (30hpw) (Fixed Term until 1 July 2027), Bun-sgoil Ghaidhlig Loch Abar, Lochaber - HGH21167
£20,001 - £30,000
HIGHLAND COUNCIL, Lochyside, Highland
- Part time
- Temporary
Posted 1 day ago, 2 Jun | Get your application in today.
Closing date: 15-06-2026 (In 12 days)
Job ref: HGH21167
Location ref: Lochyside, Highland
Full Job Description
Job Description
Tiotal Dreuchd: Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean
Àite: Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, Loch Abar
Uairean: 30 san t-seachdain
Ùine: Stèidhichte gu 1 Iuchar 2027
Tuarastal: £20,258 - £22,176 (Gun teisteanas) £22,494 - £24,619 (Le teisteanas)
Mar as trice, bidh am pàigheadh aig a’ chiad phuing dhen sgèile.
Feumaidh Gàidhlig a bhith aig tagraichean.
Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an TICC thoiribh sùil air childcarecareersscotland.scot/
Airson stiùireadh is beachdan mu dhreuchdan TICC ann an Comhairle na Gàidhealtachd cliogaibh an seo
Neach Fiosrachaidh: Iain Iòsaph MacNèill Post-d: johnjoseph.macneil@highland.gov.uk
Adhbhar Obrach: Obrachadh mar bhall èifeachdach de sgioba, a’ lìbhrigeadh seirbheis tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne a tha subailte is àrd-inbhe agus a choinnicheas ri feumalachdan chloinn òga agus an teaghlaichean.
Cuiribh a-steach IARRTAS AIR-LOIDHNE.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach.
Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith air am fo-riochdachadh nar feachd-obrach.
Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.
Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.
Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail
Requirements
Bu chòir dhaibhsan a tha air am fastadh mar Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – le teisteanas – a bhith a’ cumail teisteanas aithnichte ann an Cùram-chloinne agus Foghlam. (Mar eisimpleir HNC/NNEB/SVQ 3) is bidh am pàigheadh aig ìre HC0535.
Bidh e mar riatanas air Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – gun teisteanas – obrachadh gu ruige aon de na duaisean gu h-àrd taobh a-staigh raon-ama aontaichte agus bidh am pàigheadh aig ìre HC0435.
Feumaidh an Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean a bhith clàraichte le Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) no aontachadh cur a-steach chun an CSSA gus clàrachadh mar neach-cleachdaidh. Às dèidh an dreuchd a ghabhail, bu chòir dhan Neach-obrach Tràth-bhliadhnaichean clàrachadh le CSSA.
Ma tha iad clàraichte mar-thà agus ma tha am fastadh aca le Comhairle na Gàidhealtachd a’ ciallachadh gu bheil iad ag atharrachadh fastaiche, bu chòir dhaibh fios a chur gu CSSA mu atharrachaidhean sam bith.
Bhiodh teisteanasan ann an Làimhseachadh Bìdh agus Ciad Chobhair nam buannachdan.
Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coinneachadh an dà shlat-tomhais a leanas:
- Feumaidh sibh a bhith nur nàiseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, An Òlaind, Portagail, Romàinia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spàinn, no A’ Phòlainn.
- Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no na bu shine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.
Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh.
Direct job link
About this company