Tidsear Gàidhlig - Àrd-sgoil Greenfaulds - REQ5931 - 467073

North Lanarkshire Council, Greenfaulds, North Lanarkshire

Tidsear Gàidhlig - Àrd-sgoil Greenfaulds - REQ5931 - 467073

£40,001 - £50,000

North Lanarkshire Council, Greenfaulds, North Lanarkshire

  • Full time
  • Permanent

Posted 1 week ago, 11 Apr | Get your application in now before you miss out!

Closing date: Tomorrow!

Job ref: 467073

Location ref: Greenfaulds, North Lanarkshire

Full Job Description

Feumaidh tagraichean taobh a-staigh na Comhairle cuir a-steach tromham fhèin

’S e Lannraig a Tuath an t-àite airson Fuireach, Ionnsachadh, Obair, Sealbh agus Tadhal!

Seo do chothrom tighinn còmhla rinn airson fìor dheagh atharrachadh a dhèanamh!

Tha sinn a’ sireadh Tidsear a tha Fileanta ’s a Ghàidhlig aig Àrd-sgoil Greenfaulds ann an Comar-nan-Allt – sgoil a tha àrd-amasach, ion-ghabhaltach agus adhartach, le goireasan air leth.

Ma tha thu dealasach mu dheidhinn foghlam agus airson an ath ghinealach a bhrosnachadh, ’s e cothrom air leth a tha anns an dreuchd seo dhut.

Aig Àrd-sgoil Greenfaulds tha sinn ag amas air àrainneachd a tha brosnachail, sàbhailte agus rianail a tha a’ tabhann iomadh cothrom do dhaoine òga a chruthachadh gus an tèid aca a dhol nan luchd-ionnsachaidh soirbheachail, nan daoine misneachail, nan com-pàirtichean èifeachdach, agus saoranaich cunntachail.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuir fios gu Jamie Vaughn-Sharp, Ceannard Sgoile air

Video Clipchamp   IMG_0491.MOV

Feumaidh tu a dhol nad bhall den sgeama dìon nam buidhnean so-leònte (PVG) mun tòisich thu san dreuchd seo.

Tha tairgse fastaidh don dreuchd seo an urra ri iomraidhean freagarrach agus molaidhean iomchaidh sam bith eile.

Ma thèid do chur ann an dreuchd cuiridh sinn fios chun neach-iomraidh agad le post-d gus crìoch a chur air d’ fhastadh.

Notaichean stiùiridh

Bidh tuarastal a rèir Comataidh Co-rèiteachaidh na h-Alba airson Tidsearan (SNCT).

Tha sinn nar Ceannardan Misneachd Chiorramachd agus tha sinn a' tabhann agallamh le cinnt do thagraichean a tha den bheachd gu bheil iad ciorramach, fhad 's a choileanas iad na slatan-tomhais riatanach den chunntas neach / chunntas-obrach.

Tha sinn cuideachd air gabhail ris a' Chùmhnant Coimhearsnachd Feachdan Armaichte airson sealltainn ar taic airson luchd-seirbheise, seann-ghaisgich agus an teaghlaichean. Tha sinn a' tabhann agallamh le cinnt do luchd-fàgail seirbheis, cèile, luchd cùl-taic an airm agus seann-ghaisgich, fhad 's a choileanas iad na slatan-tomhais riatanach den chunntas neach / chunntas-obrach.

Tha Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath a' gealltainn ri #Keepingthepromise. Tha seo a' ciallachadh ma bha cùram agad a-riamh (air do choimhead às do dhèidh aig an taigh le neach-obrach sòisealta, a’ fuireach le cuideigin a tha càirdeach dhut nach nam pàrant, ann an cùram-dalta, cùram-còmhnaidh neo cùram-tèarainte) gu bheil sinn a’ tabhann agallamh le cinnt, fhad 's a choileanas tu na slatan-tomhais riatanach den chunntas neach / chunntas-obrach. Is e seo aon dòigh anns a bheil Siorrachd Lannraig a Tuath a’ coileanadh ar gealladh taic do Dhaoine le Eòlas-chùram.

Is e am Plana airson Siorrachd Lannraig a Tuath gum bi e na àite airson fuireach, ionnsachadh, obair, sealbh agus tadhal. Tha a' Chomhairle ag aithneachadh gu bheil obair na phàirt chudromach de bheatha inbheach agus gu bheil e deatamach don t-sunnd againn agus a' cruthachadh an dòigh anns a bheil sinn beò. Tha Frèam Co-roinn Co-chruinneachadh Cothromach a' mìneachadh Obair Chothromach mar obair a tha a' tabhann guth èifeachdach, coileanadh, cothrom, spèis agus tèarainteachd. Tha sinn a' creidsinn gun urrainn do dh' Obair Chothromach àrdachadh a dhèanamh air cruthachas, ag aithneachadh comas-fàis agus àrdachadh tarbhachd. Gus faighinn a-mach tuilleadh cliog air a' cheangal link.

Faodar Pasgain Tagraidh Eadar-dhealaichte iarraidh ann an cruthan eile mar eisimpleir, Clò-bhualadh Mòr, Braille, agus Fuaim. Gus pasgan tagraidh eadar-dhealaichte iarraidh cuir fòn gu .

Tha na sgrìobhainn Easy Read againn rin faighinn le bhith a’ leantainn an linc a leanas. Cuidichidh iad seo le mìneachadh a dhèanamh air a’ phròiseas agus na tha tachras tron phròiseas tagraidh: Easy Read – My NL

*** Thoir an aire leis mach ghabh sinn ri cunntas beath an àite an fhoirm iarrtais. Gus an tèid beachdachadh ort airson na h-obrach seo feumaidh tu dèanamh cinnteach gu bheil foirm tagraidh air a chuir a-steach. Cha tèid beachdachadh air cunntais-beatha. ***

Direct job link

https://www.s1jobs.com/job/tidsear-gidhlig-rd-sgoil-greenfaulds-req5931-467073-126679624

About this company

North Lanarkshire Council

View full company profile